BBC

Àrd Neach-naidheachd – Poileataigs

BBC  •  £42k - £45k/yr  •  Edinburgh, GB (Onsite)  •  2 hours ago
Apply
AI can make mistakes so check important info. Chat history is never stored.

Job Description

ÌRE NA H-OBRACH: D

CÙMHNANT: Maireannach, Làn-ùine

ROINN: BBC Naidheachdan

ÀITE: Holyrood

TUARASTAL AIR A MHOLADH: £42,000 - £45,000 a rèir sgilean agus eòlas-obrach iomchaidh. Tha an raon tuarastail ris a bheil dùil airson na dreuchd seo a’ nochdadh coimeas a-staigh agus fiosrachadh mun mhargaidh a-muigh. Bidh sioftaichean an lùib na dreuchd seo, agus tha dùil gum bi thu ag obair gu cunbhalach bho Phàrlamaid na h-Alba agus aig làraich eile.

Tha sinn toilichte beachdachadh air dòighean-obrach sùbailte. Ma tha ùidh agad, cuir an cèill do roghainn san tagradh – ged nach eil dleastanas sam bith ort sin a dhèanamh an-dràsta. Bidh obair shùbailte mar phàirt den chòmhradh aig ìre a’ tairgse na h-obrach.

JOB BAND: D

CONTRACT TYPE: Permanent, Full-time

DEPARTMENT: BBC Naidheachdan

LOCATION: Holyrood

PROPOSED SALARY RANGE: £42,000 - £45,000 depending on relevant skills, knowledge and experience. The expected salary range for this role reflects internal benchmarking and external market insights. This role involves shift work, and you will be expected to work regularly from the Scottish Parliament and on location.

We're happy to discuss flexible working. If you'd like to, please indicate your preference in the application – though there's no obligation to do so now. Flexible working will be part of the discussion at offer stage.

AMAS NA DREUCHD

Mar Àrd neach-naidheachd Poileataigs le sgioba BBC Naidheachdan, bidh thu a’ craoladh le ùghdarras, thar ioma-ùrlair air na co-dhùnaidhean a bheir buaidh air coimhearsnachdan na h-Alba, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na guthan, na beachdan agus na prìomhachasan aca air an riochdachadh. Bidh thu ag aithris air poileataigs na h-Alba aig gach ìre. Cuidichidh na sgilean naidheachd agad an luchd-èisteachd gus ciall a dhèanamh de na cùisean a tha a toirt buaidh air am beatha. Tro bhith ag innse sgeulachdan ùr-ghnàthach thar ùrlaran didseatach, fuaim, bhidio agus tro na meadhanan sòisealta, bidh thu a’ frithealadh air an luchd-cleachdaidh stèidhichte againn agus luchd-cleachdaidh didseatach ùr. Bidh an obair agad riatanach airson naidheachdan na Gàidhlig san àm ri teachd air feadh Alba.

PURPOSE OF THE ROLE

As a Senior Politics Reporter with the Gaelic News team, you’ll deliver authoritative, multimedia coverage of the decisions that affect Scottish communities, ensuring their voices, perspectives and priorities are represented. You will be reporting on Scottish Politics at all levels. Your journalism will help audiences make sense of the issues that shape their lives. Through innovative storytelling across digital, audio, video and social platforms, you’ll engage both established audiences and new digital users. You will play a vital role in the future of Gaelic journalism across Scotland.

CARSON AN SGIOBA AGAINN?

Thig a dh’ obair còmhla ri sgioba naidheachd dealasach aig a bheil dleastanas seirbheis phoblach sònraichte: a bhith ag innse do choimhearsnachdan air feadh Alba mu na tha a’ tachairt aig gach ìre de phoileatags na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte. Bidh cothrom agad craoladh a stiùireadh a nì fìor eadar-dhealachadh, dòighean didseatach is ioma-mheadhain ùr a leasachadh airson sgeulachdan poilitigeach innse, agus cuideachadh le bhith a’ fàs an ath ghinealach de luchd-cleachdaidh naidheachdan Gàidhlig. Ag obair còmhla ri luchd-naidheachd tàlantach air feadh BBC Naidheachdan, leasaichidh tu do sgilean, leudaichidh tu buaidh na h-obrach agad, agus cuiridh tu ri naidheachdan Gàidhlig san àm ri teachd.

WHY JOIN OUR TEAM?

Join a passionate news team with a unique public service mission: informing communities across Scotland about what is happening at all levels of Scottish and UK political life. You'll have the opportunity to drive coverage that makes a real difference, develop innovative digital and multimedia ways of political storytelling, and help grow the next generation of Gaelic news audiences. Working alongside talented journalists across BBC Naidheachdan, you'll develop your skills, expand your impact, and contribute to the future of Gaelic journalism.

PRÌOMH DHLEASTASAN AGUS BUAIDH NA H-OBRACH

Lorg sgeulachdan poilitigeach buntainneach, inntinneach agus ruigsinneach do raon farsaing den luchd-cleachdaidh againn.

Bidh misneachail ag innse sgeulachdan thar ioma-mheadhain, a’ lìbhrigeadh susbaint phoilitigeach beò agus coimiseanaichte thar chruthan is phrògraman didseatach is loidhneach, agus sgileil ann a bhith a’ taghadh an dòigh as fheàrr airson sgeulachdan a làimhseachaidh airson a’ bhuaidh as motha.

Lorg guthan eadar-dhealaichte agus tarraingeach gus na sgeulachdan agad a dhèanamh inntinneach a thuilleadh air a bhith misneachail ann a bhith a’ cumail luchd-poilitigs agus seirbheisich phoblach cunntachail.

Cuir sibh fhèin an cèill chun na h-ìre as àirde ann an Gàidhlig agus Beurla, a’ sgrìobhadh agus a’ craoladh gu sgileil anns an dà chànan.

Dealas làidir do neo-phàirteachd agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile craoladh poilitigeach againn cothromach, ceart agus le nuans a tha iomchaidh.

YOUR KEY RESPONSIBILITIES AND IMPACT

Make complex political stories relevant, engaging and accessible to a wide range of audiences.

Confident in multimedia storytelling, delivering live and commissioned political content across digital and linear formats and programmes, and adept at picking the best treatment for each story across outlets for the highest impact.

Seek out diverse and compelling voices in order to make your stories engaging as well as being confident in holding politicians and public servants to account.

Express yourself to the highest standard in Gaelic and English, writing and broadcasting with flair in both languages.

Strong commitment to impartiality and ensuring that all of our political coverage is produced fairly, accurately and with the appropriate nuance.

SGILEAN AGUS EÒLAS

RIATANACH:

  • Eòlas dearbhte mar neach-naidheachd ann an àrainneachd seòmar naidheachd. Eòlas air dèiligeadh ri naidheachdan a’ briseadh agus a bhith ag obair gu h-èifeachdach fo chuideam gu ceann-ama teann.
  • Tuigse làidir air poilitigs na h-Alba, a’ gabhail a-steach obair Riaghaltas na h-Alba, Pàrlamaid na h-Alba, riaghaltasan ionadail agus cruth-tìre poilitigeach na Rìoghachd Aonaichte san fharsaingeachd.
  • Sgilean làidir agallaimh, le misneachd ceistean a chur air luchd-poilitigs, oifigearan agus luchd-ùidh aig gach ìre.
  • Comas susbaint inntinneach a chruthachadh thar iomadh ùrlar, a’ gabhail a-steach teacsa, fuaim, bhidio agus na meadhanan sòisealta. Sgilean conaltraidh làidir sgrìobhte agus labhairt ann an Gàidhlig agus Beurla.
  • Deònach siubhal agus obrachadh gu sùbailte mar a dh’ fheumar le tachartasan poilitigeach. Comas cùisean poilitigeach ioma-fhillte a dhèanamh ruigsinneach agus buntainneach do luchd-cleachdaidh measgaichte.

YOUR SKILLS AND EXPERIENCE

ESSENTIAL CRITERIA:

  • Proven experience as a reporter in a fast-paced newsroom environment. Experience covering breaking news and working effectively under pressure to tight deadlines.
  • Strong understanding of Scottish politics, including the work of the Scottish Government, Scottish Parliament, local government and the wider UK political landscape.
  • Strong interviewing skills, with the confidence to question politicians, officials and stakeholders at all levels.
  • Ability to create compelling content across multiple platforms, including text, video, audio and social media. Excellent written and verbal communication skills in English and Gaelic.
  • Willingness to travel and work flexibly as political events require. Ability to make complex political issues accessible and relevant to diverse audiences.

AIR A MHIANNACHADH:

  • Comas dearbhte air sgeulachdan poilitigeach ùr aig a bheil buaidh a chomharrachadh, a leasachadh agus a lìbhrigeadh.
  • Comas dearbhte air lìonra de luchd-eòlais poilitigeach a chruinneachadh agus a leudachadh.
  • Eòlas air a bhith a’ filmeadh, a’ clàradh agus a’ deasachadh susbaint airson àrd-ùrlaran didseatach.
  • Tuigse air mion-sgrùdadh agus dàta mun luchd-cleachdaidh gus cho-dhùnaidhean deasachaidh a stiùireadh.

DESIRABLE :

  • Demonstrable ability to identify, develop and deliver original political stories that have public impact.
  • Proven ability to cultivate and maintain a network of political contacts and sources.
  • Experience filming, recording and editing content for digital platforms.
  • Understanding of analytics and audience data to inform editorial decision-making.
BBC

About BBC

The BBC is the world’s leading public service broadcaster.

We’re impartial and independent, and every day we create distinctive, world-class programmes and content which inform, educate and entertain millions of people in the UK and around the world.

Industry
Unknown
Company Size
10,000+ employees
Headquarters
London, GB
Year Founded
Unknown
Website
bbc.co.uk
Social Media